Tùs an deilbh,Getty Images
  • Air fhoillseachadhBho chionn 7 mionaidean

Tha planaichean a' gluasad air adhart airson ionad-tadhail a thogail aig Uamh Smùdha ann an Dùthaich MhicAoidh, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha an uamh, faisg air Diùrnais, 50tr (15m) de dh'àirde, agus 130ft (40m) de leathad, ga fàgail air tè de na h-uamhan as motha ann am Breatainn.

Chaidh a cleachdadh mar fhasgadh le cuid de na ciad dhaoine a bha san sgìre, sealgairean taisteil mu 7,000 bliadhna air ais.

Ann anaithisg,taobh a-muighùir, thuirt oifigich na comhairle gu bheil am pròiseact air gluasad gu ìre dhealbhachaidh, agus gu bheil beachd ann cò às a thigeadh maoineachadh air a shon.

Bhiodh raon-parcaidh ùr agus ceuman-coise nas fheàrr na phàirt dheth.

Tùs an deilbh,Getty Images

Bhiodh fiosrachadh an lùib an ionaid ùir cuideachd mu sheann ionad radar aig RAF Sango, tha faisg air làimh.

Bha sin na phàirt de lìonra stèiseanan radar tron Dàrna Cogadh, a bha ag amas air itealain Ghearmailteach a lorg agus iad a' dèanamh air Breatainn.

Chaidh làn-chùis ghnothachais airson an ionaid aontachadh le comhairlichean anns an Lùnastal.

Bidh eadar 70,000 is 90,000 duine a' tadhal air Uamh Smùdha, a tha ri taobh slighe dhràibhidh an NC500, a h-uile bliadhna.

'S ann on fhacal Lochlannaich "Sumvya" a tha "smùdha" agus e a' ciallachadh òb, no clais.