Tha Ramsay MacMahon air a bhith a' tadhal air crìochan air feadh an t-saoghail airson an t-sreath
- Air fhoillseachadhBho chionn 17 mionaidean
Tòisichidh sreath ùr air BBC ALBA seachdain bho an-diugh air a bheil Am Balla, a bhios a' coimhead ris a' bhuaidh a bheir crìochan air mac-an-duine.
Seo a' chiad cho-obrachadh riochdachaidh eadar MG ALBA, an craoladair Gàidhealach Èireannach TG4 agus an t-seanail Chuimris S4C, agus fiolmadh air a dhèanamh anns na diofar chànanan aig an aon àm, le luchd-aithris agus criutha ag obair còmhla.
Anns a' chiad phrògram bidh Ramsay MacMahon, a tha ag aithris san dreach Ghàidhlig den t-sreath, a' dol air turas gu Ceuta - an sgìre Spàinnteach air costa a tuath Afraga aig a bheil crìoch ri Moroco.
Bidh Ramsay a' bruidhinn ri daoine ann an Ceuta sa chiad aithris
"Thairis air an t-sreath seo tha mi air coinneachadh ris na daoine as làidire ris an do choinnich mi riamh," thuirt Ramsay.
"Daoine a th' air cuid de na rudan as duilghe san t-saoghal fhaicinn.
"Ach a dh'aindeoin sin tha neart is dòchas annta.
"Chunnaic mi cupal a bh' air an sgaradh bho chèile ri linn cogaidh, bhruidhinn mi ri daoine òga a theab am bàthadh is iad an tòir air beatha nas fheàrr dhaibh fhèin san Roinn Eòrpa is chuala mi sgeulachdan feadhainn a tha beò le fòirneart ghunnaichean air an starsaich aca.
"Ged a dh'fhaodas crìochan ar cumail bho chèile, is ged a tha dorchadas san t-saoghal an-dràsta, tha mise air maith fhaicinn nar measg."
Tha crìoch na Fionnlainn leis an Ruis a' nochdadh san t-sreath
Chaidh an sreath fhiolmadh air ceithir mòr-thìrean, a' tadhal air São Paulo ann am Braisil, Bhietnam, Ceuta - an sgìre Spàinneach ri taobh Moroco - agus a' chrìoch eadar an Fhionnlainn agus an Ruis.
Tha na ceithir prògraman a' togail air mar a tha ballaichean agus crìochan a' fàgail choimhearsnachdan a tha a' fuireach air gach taobh dhuibh, a' beachdachadh air fèin-aithne, imreachd agus co-obrachadh.
Thathar cuideachd a' coinneachadh ri daoine a tha a' còmhnaidh le crìochan a chaidh a chruthachadh le beartas is bochdainn, eachdraidh agus cogadh.
A rèir Mairead Chamshron, a bha na Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: "Tha a bhith ag obrachadh le na compàirteachan againn anns a' Chuimrigh agus Èirinn air sreath air leth a chruthachadh a tha a' togail air cho làidir 's a tha na cànanan Ceilteach ann a bhith ag innse sgeulachdan eadar-nàiseanta."
Tòisichidh Am Balla air BBC ALBA air a' 4mh là den t-Samhain aig 9:00f.