• Air fhoillseachadhBho chionn 7 mionaidean

Chaidh an geam mu dheireadh de sheusan Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd eadar Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich is Malaig Disathairne a chur dheth air sgàth na droch shìde.

'S e seo an dàil as ùire air a gheam leis gu bheil sgioba an Iar-Thuath air a bhith trang ann an Cupa Amaitearach na h-Alba.

Tha Malaig air an lìog a bhuannachadh mar-tha ach tha iad ag amas air an an t-seusan a chrìochnachadh gun puing idir a leigeil seachad san lìog.

Crìochnachaidh An Iar-Thuath san dàrna àite ge brith dè thachras.

Cha tàinig dearbhadh fhathast airson là ùr son a' gheam.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte