• Air fhoillseachadhBho chionn 33 mionaid

Chaidh dragh a thogail uair eile nach eil cùram cabhagach ri fhaighinn aig Ospadal Phort Rìgh mar a chaidh a ghealltainn le Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.

'S e fear demholaidhean Sir Lewis Ritchiea rinn aithisg air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois ann an 2018.

Ach tha a' bhuidheann-strì SOS-NHS air draghan a thogail grunn thursan bho thòisich an t-seirbheis às ùr ann an 2024 nach eil i ag obair mar a bu chòir.

Sheall freagairt a fhuair an luchd-iomairt slàinte tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun robh an t-ospadal às aonais àrd-nurs (ANP) a' mhòr-chuid de làithean agus cha mhòr a h-uile oidhche thairis air mìosan an t-samhraidh.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Niall Caimbeul a' cumail a-mach gun deach seirbheisean am miosad

Thuirt Niall Caimbeul bho SOS-NHS: "Ma thèid thu ann bidh iad gad chur dhan Àth Leathann no bheir iad dhut fòn. Chan e cùram cabhagach a tha sin.

"Sheas John Swinney, Prìomh Mhinistear na h-Alba, sa cheàrnag am meadhan Phort Rìgh agus thuirt e gun cuireadh e seo ceart.

"Cha do rinn e sin, agus chaidh e nas miosa."

Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba: "Tha ministearan a' sùileachadh gun toir NHS na Gàidhealtachd seachad seirbheisean a tha sàbhailte agus seasmhach.

"Tha Riaghaltas na h-Alba airson agus gun tèid molaidhean Sir Lewis Ritchie airson Ospadal Phort Rìgh a chur an gnìomh a thaobh cùraim a-mach às na h-uairean àbhaisteach, nam measg gum bi modail cùraim chabhagaich 24/7 ann."

Ann am brath thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad a' cumail ri molaidhean Sir Lewis, agus gun d' fhuair luchd-obrach uàrd trèanadh a bharrachd gus am b' urrainn dhaibh dèiligeadh ri euslaintich a dh'fheumas cùram cabhagach.

Thòisich NHS na Gàidhealtachd modail ùr airson cùram cabhagach a thoirt seachad làn-ùine san Lùnastal 2024.

Chan e cùram èiginneach a tha seo, ach seirbheis a th' air a ruith le ANP is an NHS ag ràdh gum bu chòir do dhaoine an-còmhnaidh fònadh gu NHS 24 air 111 an toiseach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair a chùm barrachd nursaichean aig àrd-ìre a bhith stèidhichte an Ospadal Phort Rìgh, ach nach fheum iad sin a bhith ann tron là agus air an oidhche airson cùram cabhagach a thoirt seachad.

Thuirt neach-labhairt: "Seo am modail a chaidh aontachadh le Sir Lewis Ritchie agus tha mìneachadh air san aithisg dheireannaich aige sa Ghiblean 2025.

"Tha sinn an-còmhnaidh ag obair gus piseach a thoirt air seirbheisean a rèir nam molaidhean aige."

Thuirt iad gu bheil fastadh agus glèidheadh luchd-obrach duilich dhaibh gu h-àraidh san Eilean Sgitheanach leis na dùbhlain a tha ag èirigh air gnìomhachas na turasachd.

Aig a' cheart àm, ghabh iad ris gum feum iad seirbheis a' chùraim chabhagaich a dhèanamh nas seasmhaiche agus "earbsa agus misneachd na coimhearsnachd a chosnadh".